Leanaibh dlùth ri cliu ar sinnsir. Sean fhacal ann an Gàidhlig, agus bunaid air a bheil sinne mar Cheiltich a’ togail gach latha a dh’aindeòin  ciamar a tha an saoghal mun cuairt oirnn a’ tionndadh.

Tha mi air leth toilichte a bhith nur cuideachd agus glè mhothachail air cho deiteamach is a tha e gun cùm sinn an dàimh eadar priòmh fhèisean nan dùthchanan Cheilteach. Tha e an dà chuid na chothrom tlachd agus  ionnsachaidh. Tha e a’ toirt buidheachas mòr dhomh a bhith am measg ceol, rosg is bàrdachd na Cumrigh, a tha bogte anns an dualchas le iomhaigh is tuigse an latha an diugh. Chaneil mòran a tha a’ cur ri beartais cànain na an luchd ealain a tha nar measg. Is iadsan le innleachd, a tha a toirt doimhneachd is sealladh air ar beatha laitheil agus a’ daingeachadh ar cheangal ri dùthaich agus ri dualchas.

Tha e a’ toirt sòlas mòr dhomh fhaicinn na tha an sàs anns an Eisteddfod do dh’oigridh agus cho ealanta agus taitneach a tha e a bhith dhan amharc  agus dhan eisdeachd. Chaneil mòran aig na Gàidheil ri theagasg dha na Cuimrich - oir tha sibh riamh air a bhidh air thoiseachadh a thaobh leasachadh. Bha sgoiltean Cumreach agaibh fada romhainn, seirbheis reideo agus seirbheis telebhisean cuideachd. ‘Se aobhar misneachd a th’ann dhuinne gu bheil strì cànain gun fhaochadh an seo. Chanain nach tig crioch air an stri sin, ach nach solasachadh a bhith an seo am measg a’ bheartais a th’ann san Eisteddfod. Tha mi gu mòr nar comainn agus a’ guidhe gach soirbheachadh leibh. 

 

 

Dilynwch yn agos enw da eich hynafiaid. Dyna hen ddihareb Geltaidd ac ar hynny rydyn ni’r Celtiaid yn adeiladu bob dydd, heb wahaniaeth sut mae'r byd yn troi a chwyrlïo o'n cwmpas.

Mae'n bleser gen i fod yn eich mysg ac rydw i’n llawn sylweddoli pwysigrwydd adeiladu perthynas gref gyda gwyliau pwysicaf ein cenhedloedd Celtaidd. Rydw i’n cael fy ysbrydoli gan gerddoriaeth, rhyddiaith a barddoniaeth Cymru, sy'n rhan o draddodiad ond sydd hefyd yn amlwg yn adlewyrchu a pherthnasol heddiw. Mae'n rhaid bod ein hartistiaid ymhlith y gorau i adlewyrchu ein hieithoedd. Gyda medrusrwydd a dychymyg maen nhw’n rhoi dyfnder a mewnbwn i fyw bywyd bob dydd gan gryfhau ein perthynas gyda'r tir a'n tredftadaeth.

Mae'n hyfrydwch pur bod yng nghwmni pobl ifanc bob amser - ein dyfodol- ac mae eu brwdfrydedd wrth berfformio’n ysbrydoliaeth. Fel pobl o'r Alban, ‘does gennym ni fawr i ddysgu i chi. Rydych wedi brwydro dros eich ysgolion Cymraeg ac mi wnaethom ninnau geisio eich hefelychu; cawsoch wasanaeth radio a theledu cyn i ni eu cael ac roedd hynny yn sbardun i ni. Mae'n hyfrydwch pur i weld sut yr ydych yn parhau i bwysleisio'r iaith, gan sylweddoli bod hynny’n bwysig bob amser. Fodd bynnag, dyma sgwrs ar gyfer rhywbryd eto. Rydw i’n hynod falch ac yn ei theimlo’n fraint i fod yn y lle bendigedig hwn. Diolch yn fawr am y gwahoddiad a dymunaf bob llwyddiant i chi i'r dyfodol.